An dèidh cho soirbheachail 's a bha a' chiad Fhèis Mhoireibh an-uiridh, tha Fèis Mhoireibh 2008 ann air Disathairne 31 Cèitean is Didòmhnach 1 Ògmhios aig Colaiste Mhoireibh agus Taigh-òsta Laichmoray, Eilginn.
'S i fèis-oideachaidh deireadh-sheachdaineach de cheòl, òrain, dràma is dannsa traidiseanta dha daoine òga ann am Moireabh, a th' ann am Fèis Mhoireibh Tha tachartasan na deireadh-sheachdaine a' gabhail a-steach clasichean tron latha bho 9.30m gu 4.00f. Bidh an deireadh-sheachdain a' crìochnachadh le consairt is cèilidh bho na tuitearan is na com-pàirtichean ann an Taigh-òsta Laichmoray, Eilginn.
Cuiribh fios gu Norma Gunn Fòn 01343 547447, post-d normagunn@aol.com airson tuilleadh fiosrachaidh.
