Chan eil ach dà sheachdain air fhàgail do sheinneadairean is sgrìobhadairean ann am mìon-chànan òrain a chur a-steach airson Nòs Ùr - a' chiad cho-fharpais òrain a thèid a chumail ann an Inbhir Nis, is mar aonan de ceithir cuairtean-deireannach a bhios tachairt ann an sgìrean eadar-dhealaichte na Roinn Eòrpa. Feumar òrain a bhith air an cur a-steach ro 14mh Màrt.
Tha an co-fharpais a' sireadh òrain ann an Gàidhlig na h-Alba, Albais, Albais Ulaidh, Gàidhlig na h-Èireann, Gàidhlig Eilean Mhanainn, Cuimris, Còrnach agus Gàidhlig na Breatainn Bhig. Thèid luchd-buannachaidh co-fharpais taobh an iar na h-Eòrpa troimhe gu farpais dheireannach Liet Lavlut Eòrpach a thèid a chumail ann an Lulea, san t-Suain, san Dàmhair.
Chan eil co-fharpais òrain eile idir coltach ris ann an Eòrpa is i a' leantainn an aon seòrsa cruth is a tha aig a' cho-fharpais ainmeil Òran Eurovision le seinneadairean is còmhlain-chiùil a' riochdachadh dùthaich shònraichte, ach an seo gum bi iad a' riochdachadh mion-chànan.
Bidh Nòs Ùr a' tachairt aig Eden Court 21mh Ògmhios aig an aon àm ri 'Guthan an Iar - Mion-chànain ann an Craoladh is Foghlam', co-labhairt nam mion-chànan air a chur air dòigh le Institiùd OGE nam Mìle Bliadhna far an cluinnear an craoladair Lesley Riddoch agus Derrick McClure à Oilthigh Obar Dheathain.
Tha ùidh air nochdadh sa cho-fharpais anns a' Chuimrigh is ann an Alba mar-thà, ach bu mhiann leis an luchd-eagrachaidh barrachd òrain ùra bho mhion-chànan Ceilteach taobh an iar na h-Eòrpa a chluinntinn.
Bidh dà dhuais ann - aon dhiubh a thèid a bhuileachadh leis na britheamhan is tè eile a thèid a bhuileachadh mar thoradh air bhòtaichean bhon mhòr-shluagh. Bidh britheamh bho gach sgìre a tha gabhail pàirt a' suidhe air a' phannal. Thèid an co-fharpais a chraoladh beò gus an urrainn dhan luchd-èisteachd bhòt a chur air fòn-làimhe no air an eadar-lìn, is gheibh an fheadhainn a bhios an làr ann an Eden Court cothrom bhòtadh cuideachd.
'S e fear-eagrachaidh thachartasan is ceòladair a tha stèidhichte ann an Inbhir Nis, Brian Ó hEadhra, a bhios a' stiùireadh a' phròiseict airson goEvents, a bhios a' cur air adhart is a' leasachadh ealain chruthachail air Ghàidhealtachd is anns na h-Eileanan. Thuirt e: "Tha ùidh mhòr a thaobh ciùil is nam meadhanan sa cho-fharpais mar-thà agus tha e na fhìor dheagh chothrom sanasachaidh do dhaoine a tha miannach air a bhith nan ceòladairean no a tha sgrìobhadh òrain gu proifeiseanta. Tha sinn an dùil ri an t-uabhas de thagraichean san dà sheachdain a tha romhainn."
Thathas a' moladh gun cùm Inbhir Nis a' chuairt-dheireannach thar-Eòrpa ann an 2010 fhad 's gun tèid cuairt-dheireannach sgìreil Cheilteach is Albannach a chumail ann am bad eile de thaobh an iar na h-Eòrpa, mar eisimpleir anns a' Chuimrigh na ann an Èirinn.
Thèid cuirm a chumail le Comhairle na Gàidhealtachd aig Taigh a' Bhaile, 20mh Ògmhios, dhan fheadhainn a bhios a' frithealadh na co-fharpais aig Eden Court.
'S iad Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean (HIE), Comhairle na Gàidhealtachd, Colmcille, Comhairle Ealain na h-Alba, Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig agus Institiùd OGE nam Mìle Bliadhna.
Gheibhear barrachd fiosrachaidh mun cho-fharpais aig www.nos-ur.eu cho math ri foirmichean tagraidh a ghabhas a lùghdachadh a-nuas. Tha làrach MySpace ann cuideachd www.myspace.com/nosur
Airson barrachd fiosrachaidh, cuir fios gu Brian Ó hEadhra air 01463 241622 no info@anamcommunications.com