Sunrise not Secular

Sunrise not Secular

June 3rd 2008

‘S e còmhlan sgairteil, dòchasach roc Ceilteach à Innse Gall a th’ ann an Sunrise Not Secular, a bh’ air prògram TBh Rapail an-uiridh.

Am-bliadhna air 26 Ògmhios ,thèid an EP as ùire aca - “Toiseach An Turais” fhoillseachadh is a chur fa chomhair dhaoine nam baile fhèin– Steòrnabhagh – mus toir na balaich an taisbeanadh air chuairt airson seachdain gu leth air feadh Alba.

Tha an còmhlan an dùil cluich anns na h-àiteachan a leanas:

  • An t-Acarsaid, Na Hearadh, Dihaoine 27Ògmhios
  • Taigh-òsta Chàirinis, Uibhist a Tuath, Disathairne, 28 Ògmhios
  • Hootananny's, Inbhir Nis, Diluain 30 Ògmhios
  • Cafe Drummond, Obar Dheathain, Dimàirt 1 Iuchar
  • MacGochans, Tobar Mhoire, Muile, Diciadain, 2 Iuchar
  • O Donnell's, an t-Òban, Dihaoine 4 Iuchar
  • Club BA, An Gearastan, Disathairne, 5 Iuchar

Thuirt an neach-labhairt is an cluicheadair-giòtair aca, Daibhidh MacNeacail: "Tha sinn air ar brosnachadh gu mòr mun chiad chuairt Albannach againn. Tha an-uiridh air a bhith mìorbhaileach le deagh chothroman a bhith a’ cluich còmhla ri leithid Runrig agus Saw Doctors, ach tha fhaireachdainn sònraichte aig a’ phròiseict seo oir ‘s e an obair againn fhìn a th’ ann air fad.”

An dèidh latha an fhoillseachaidh bidh an CD ùr, le dà òran Ghàidhlig is dhà ann am Beurla a sgrìobh sinn fhìn, ri fhaighinn air-loidhne aig www.myspace.com/sunrise4.

Tha barrachd fiosrachaidh mun chòmhlan air an làraich seo cuideachd agus fiosrachadh mu mar a gheibhear air fios a chur thuca. Tadhailibh cuideachd air www.sunrisenotsecular.co.uk gus soidhneadh airson na liosta phostachd aca.

Faodar fònadh gu Daibhidh MacNeacail air 07969561779 airson tuilleadh fiosrachaidh, iarrtasan agallaimh no airson dealbhan.