Le iarrtasan a’ Mhòid a’ nochdadh gu cunbhalach a-nis tha sgioba eagrachaidh a’ Chomuinn Ghaidhealaich trang ag ullachadh airson a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail, tachartas a ghabhas àite sa Eaglais Bhric airson na ciad turais am bliadhna seo. Ged a chaidh dèiligeadh ris an uamhas iarrtasan mar-thà, tha An Comunn an dùil ri tòrr a bharrachd dhiubh ro Dhisathairne 31st An Cèitean, an ceann latha oifigeil airson an tilleadh. Tha iad cuideachd a’ dearbhadh a-rithist nach gabh iad feadhainn a tha fadalach no nach eil slàn ‘s ceart.
Dh’ aontaich Seònaid NicDhòmhnaill, Neach Gairm a’ Mhòid ris a’ bheachd seo ag ràdh “Tha sinn toilichte leis na h-iarrtasan a th’ againn gu ruige seo agus ‘s cinnteach gun nochd tuilleadh san t-seachdain a tha romhainn. Feumaidh mi a ràdh a-rithist nach urrainn dhuinn iarrtasan a ghabhail a tha fadalach no mi-shlàn gus am bi co-ionnanachd eadar na farpaisich.”
Ged nach deach am Mòd a chumail san Eaglais Bhric roimhe tha an sgìre a’ cur fàilte air gu mòr. “Chaidh iarrtasan mòra a chur a-staigh dha na farpaisean uile gu ruige seo agus tha sinn toilichte gu bheil buidhnean ionadail an dùil pàirt a ghabhail ann an tachartas na bliadhna seo,” thuirt Comhairliche Aonghas MacDhòmhnaill, Cathraiche Comataidh Ionadail na h-Eaglaise Brice.
Chaidh soirbheas prìomh fhèis chultarach na Gàidhlig a dhaingneachadh le Iain MacLeòid, Ceann Suidhe a’ Chomuinn nuair a thuirt e: “Chithear ùidh mhòr ann am farpaisean a’ Mhòid gach bliadhna, gu sònraichte a-measg na h-òigridh. Tha an tachartas fhèin a’ cruthachadh chothroman mòra don Ghàidhlig agus àm do shaoghal na Gàidhlig ar cànan ‘s cultar a bhrosnachadh. The mi cinnteach gum bi An Eaglais Bhreac na àite beòthail, Gaidhealach sa Dàmhair.”
Gheibhear formaichean-iarrtais air loidhne aig http://www.the-mod.co.uk/english/frames.htm no bho Rena NicAsgaill, Rianadair a’ Mhòid air 01463 709705 no air post-d aig info@the-mod.co.uk
Thèid Mòd 2008 a ghabhail àite bhon 10mh –17mh An Dàmhair am bliadhna seo le taic bho iomadh buidheann poballach ‘s prìobhaideach, nam measg, Comhairle na h-Eaglaise Brice, Caledonian Mhic a’ Bhriuthainn, Am Banca Rìoghail ‘s Am Posta Rìoghail. A bharrachd air iomadach farpais ‘s cuirm-ciùil tha a’ chomataidh ionadail trang an-dràsta ag eagrachadh “Iomall a’ Mhòid” làn thachartasan mì-fhoirmeil.