Bidh Fèis Cheilteach nam Meadhanan ann an Taigh-òsta Radisson SAS & Spa ann an Gaillimh bho 16-18 Giblean am-bliadhna.
Tha am prògram loma-làn a' gabhail a-steach seiseanan air Eachdraidh, Cùmhnantachadh, Gluasadan, Dòighean-reic, Tasglann, Aithriseachd, Spòrs is Dràma am measg nithean eile. Faodaidh tu am prògram a thoirt a-nuas air-loidhne aig http://www.celticmediafestival.co.uk/programme.
'S I fèis bhliadhnail trì latha a th' ann am Fèis Cheilteach nam Meadhanan far a bheilear a' comharrachadh craoladh, tàlant fhilme is ealantas à Alba, Èirinn, às a' Chuimrigh is a' Bhreatainn Bhig. Tha i ag amas air cànanan is cultaran nan dùthchannan Ceilteach air scrion agus ann an craoladh a chomharrachadh.
Tha a' Ghàidhlig air a deagh riochdachadh mar as àbhaist agus tha prògramadh na bliadhna-sa air an ainmeachadh a leanas fhaighinn ann an 18 de roinnean “as fheàrr”:
- Dòmhnallaich na Frainge (roinn Aithriseachd fhìrinneach )
- Rapal TV (roinn nan Daoine Òga)
- Seachd - The Inaccessible Pinnacle (roinn Dràma Cuspaireach)
- An Ceanadach (roinn Fèisteis)
- An Teaghlach (roinn Aithriseachd)
Tha Radio nan Gàidheal cuideachd ainmichte airson Stèisean Rèidio na Bliadhna, tha Derek "Pluto" Moireach a-staigh airson Riochdaire Pearsantachd na Bliadhna agus tha www.bbc.co.uk/seumasaich - Na Seumasaich ainmichte airson na roinne eadar-obrachail.
Faic an liosta iomlan air Làrach-lìn Fèis Cheilteach nam Meadhanan.