De tha dol?

Chrisella Ross 's Art Cormack aig Dealbh Ealain

Chrisella Ross 's Art Cormack aig Dealbh Ealain

Air 8 is 9 Cèitean thàinig àireamh mhòr de luchd-ealain, luchd-cleachdaidh, oileanaich agus eòlaichean cànain is nan

ealan Gàidhlig dhan Lanntair airson Dealbh Ealain -Co-labhairt nan Ealan Gàidhlig a chuir PnE air chois às leth GASD.

Aig an tachartas dà latha bha cùisean sgrùdaidh deagh-chleachdaidh, bùthan-obrach practaigeach is deasbad, prìomh sheiseanan is taisbeanaidhean. Bha taisbeanadh mìorbhaileach ann cuideachd de phròiseactan a bha maoinichte le GASD agus consairt sònraichte air an oidhche, Dimàirt.

Bidh Donna Choineagain, Stiùiriche Firefly Producions, a' toirt cunntas air toraidhean na co-labhairt. Thuirt i sa chrìochnachadh air feasgar Diciadain: " Tha fìor spiorad so-aigne, co-obrachaidh, roinn sgilean is buileachaidh ann. Tha a' h-uile càil a' fàs is a' tighinn gu buil. Tha an t-àm ann airson cùisean adhartachadh agus airson gluasad air adhart gu aon-ghuthach a dh'ionnsaigh làn ghnìomhachaidh Ro-innleachd Nàiseanta nan Ealan Gàidhlig."

Le còrr air 100 riochdaire bha mothachadh de fhìor thogail aig a' cho-labhairt agus tha sinn an dòchas gun lean an eudmhorachd is an dealas seo. Taing dha na h-uile a thàinig, a chur rithe agus a ghabh pàirt. Cumaibh sùil air làrach-lìn PnE airson ùrachaidhean san eadar-ama.